Ruaig

Tha dòirlinn a’ dol a-mach gu eilean Shòthaigh a tha na shuidhe dìreach far chladaichean Ruaig. Tha an t-eilean a’ cuartachadh geodha air a bheil ‘An Acarsaid Fhalaich’. Thathas ag ràdh gun d’ fhuair i an t-ainm seo aig toiseach na 19mh linn, nuair a bha cùiltearachd uisge-beatha is thombaca à Èirinn na dheagh theachd a-steach ann an Tiriodh.

Cha ghabhadh bàtaichean len cruinn air an leagail fhaicinn à iùbhraichean a’ chusbainn a bha a’ cumail faire air Seòlaid Thiriodh, no gu dearbha bho Thiriodh fhèin.

Is i an sgeir as fhaide muigh bhon Tràigh Mhòir, Clach a’ Chomharraidh. Bha i na comharra-iùil do sgiobairean a’ seòladh anns a’ bhàigh.

English (UK)