
Aig stèisean-cladaich an taigh-sholais bha doc-luingeis, tùr-siognailidh, bùithean-obrach agus àite-fuirich dhaibhsan a bha a-sàs ann an obair-togail taigh-solais na Sgeir Mhòir. Chaidh an taigh-solais a dhealbh le Ailean Stevenson agus tha e a’ seasamh aona mhìle deug far chladaichean Thiriodh
Thoisich an obair-thogail ann an 1837. Thàinig a’ chlach às an Ros Mhuileach. Bha i air a snaidheadh le sgioba de dh’ochdad clachair, is an uair sin chaidh a cur a-null air bàta airson a stèidheachadh air an Sgeir Mhòir. Lasadh a’ chiad solas ann an 1844. Bhiodh an ceathrar chìobair-sholais a’ fuireach ann an sreath thaighean os cionn an tùir- shiognailidh