Scarinish

Chaidh Taigh Sgairinis a thogail ann an 1866. Aig an àm, bha Tiriodh ‘tioram’ agus b’ e ainm an taigh-òsta an ‘Temperance Hotel’. Mun do dh’fhosgladh an ceidhe aig ceann an iar na Tràigh Mhòir, b’ e Sgairinis prìomh phort an eilein. Bhiodh am bàta-litrichean a’ dol air acair a-mach bhon chladach agus rachadh bàt’aiseig beag a-mach na coinneimh. Chaidh an ‘Seòmar Leughaidh’ (ionad eachdraidh an eilein, An Iodhlann, an-diugh) a thogail mar sheòmar feitheimh ann an 1886.

Chaidh cead-dibhe a thoirt do Thaigh-òsta Sgairinis ann an 1951. Roimhe seo, bhiodh fir Thiriodh a’ dol air bòrd bàta sam bith a bhiodh ceangailte aig a’ cheidhe airson drama a ghabhail. Bha aon sgeulachd ann mu fhear a sheòl a Bharraigh ann is às, a chionns gun do dhìochuimhnich e dol air tìr a-rithis ann an Tiriodh as dèidh ‘aon drama’.

English (UK)