
Chaidh An Rif no An Ruighe a ghabhail thairis le Ministearachd a’ Chogaidh ann an 1939. Chaidh trì raointean-laighe a thogail agus campa a ghabhadh 2,000 ball-seirbhise. Bha gnothach aig RAF Tiree an toiseach ri sireadh is cobhair tro Chogadh a’ Chuain Shiar.
Ann an 1943, ghluais Sguadron-adhair 518 a Thiriodh. Bha iad a-sàs ann a bhi cruinneachadh fiosrachadh aimsir, a’ siubhal fada thar a’ Chuain Shiar ann an itealain Halifax a bha uidheamaichte a dh’aona-ghnothaich airson na h-obrach.
Tha cliù ann an eachdraidh aig 518, leis gun do mhothaich iad do thoiseach droch-shìde far Innis Tìle a thug air Eisenhower dàil fad latha a chur air D-Day san Òg-mhìos 1944, co-dhùnadh cho riatanach ’s a ghabhte rè an Dara Cogaidh