
Is e Taigh an Eilein àite-còmhnaidh Diùc Earra-Ghàidheil ann an Tiriodh. Thogadh seo ann an 1748. Tha e na shuidhe an-diugh air leth-eilean beag. Ach anns na lathaichean a dh’fhalbh b’ e fìor eilean a bha an seo, air an robh caisteal bho linn nam Meadhan Aoisean. B’ ann le Clann Illeathain Dhubhaird a bha an t-eilean gu ruige 1679.
Mu choinneamh an taighe agus làmh ris an rathad, tha tulachan beag air a bheil Bac’ a' Chrochaidh. Thathas ag ràdh gum biodhte a’ crochadh an-sin an duine mu dheireadh a phàigheadh a mhàl.