
Tha Ceann a’ Bharra na shuidhe aig fìor cheann shìos Thraigh Bhì, aon de thrì chnuic a-mhàin anns an Eilean. Air taobh a deas Cheann a’ Bharra tha Teampall Phàraig, tobhta seipeil bho na Meadhan Aoisean air làrach manachainn bhon 6mh linn.
Air an 8mh Iuchar 1856, bha latha ciùin, grianach ann agus b’ e bogha-frois san iar an aona chomharra do Ghilleasbuig Caimbeul (Am Bòidheach) à Barabol nach bu chòir dha cur gu muir an latha sin. Thug e rabhadh do na fir eile, ach chaidh seachd soithichean a- mach bhon Phort Mhòr anns na Cùiltean, a’ dèanamh air bancaichean-iasgaich na Sgeir Mhòir. Dh’èirich stoirm gun fhiosda dhaibh, a’ cur na cabhlaich ma sgaoil, agus chaidh naoinear a bhàthadh. Tha carra-cuimhne an-diugh os cionn a’ Phuirt Mhòir do na fir a chailleadh ann am Fuadach Bhail’ a’ Phuill.