
Is i muileann Chòrnaig an aon mhuileann anns an eilean a tha ri fhaicinn fhathast. Chaidh a thogail le còigeamh Diùc Earra-Ghàidheil ann an 1803, a’ frithealadh an eilein gu lèir. Bha muillearan a’ còmhnaidh agus ag obair aig Taigh a’ Mhuilinn gu ruige 1945. Chaidh roth a’ mhuilinn a chàradh agus tha e fhathast a’ cur nan caran.
Dh’fhosgail Sgoil Chòrnaig Mhòir a dorsan ann an 1876, aon de chòig sgoiltean anns an eilean. Chaidh a h-ath-thogail ann an 1936, a’ cheud thogalach san eilean anns an robh cumhachd dealain agus cuideachd taighean beaga anns an robh poitean-sruthlach. Leudaich an sgoil an 1983 gu ìre sia bliadhna àrd-sgoile, a’ fàgail nach robh feum aig clann an eilein an dà bhliadhna-sgoile mu dheireadh a chur seachad ann an Àrd-sgoil an Òbain