
Dh’fhosgail Calum MacIlleathain, no Calum Shathaluim, mar a theirte ris, bùth an seo ann an 1938. Bha am bùth ann an seann togalach feachd an adhair, RAF Tiree, agus b’ e aig aon àm am bùth a bu mhotha ann an ceann an ear an eilein. Reiceadh e a h-uile rud: aran a’ bhèiceir à Glaschu, cnogain bidhe, paireafain agus spiorad meitil airson nan lampaichean Tilley, truinnsearan, rèidiothan agus na bataraidhean aca, agus eadhan tractairean.
B’ e a’ chiad duine a reic gas-botail anns an eilean, agus bha e am measg na ciad fheadhainn ann an Tiriodh a thog muileann-gaoithe air a thaigh airson dealan a chruthachadh.
Bha obair-rianachd air dheireadh air a h-uile nì eile a dhèanadh e. Am broinn an taighe ann an Sathalum, bhiodh bòrd an dìnneir an còmhnaidh air a chòmhdach le litrichean a’ feitheamh freagairt is cùnntasan a’ feitheamh an rèiteach. B’ i an t-sèist a bu trice a bh’ aige: “Tha e an seo, ach càite?”