Gott & Kirkapol

Chaidh togalach Eaglais na h-Alba an Circeabol a thogail ann an 1842 os cionn na Tràigh Mhòir. Chan eil cho fada bhon a chaidh a dì-choisrigeadh.

Aig ceann siar na tràghad, tha creag bheag air a bheil Mallachdaig, no ‘an tè bheag mhallaichte’. Thathas ag ràdh gun do cheangail an naomh Calum Cille a bhàta ris a’ chreig seo fhad ’s a bha e air thuras bho mhanachainn an Eilean Ìdhe. Nuair a dh’fhuasgail an ròpa agus a fhuair am bàta ma sgaoil, mhallaich e a’ chreig, ag ràdh nach fàsadh duileasg gu bràth tuilleadh oirre.

Faodaidh sibh ur barail fhèin a ruigheachd, co-dhiù tha seo fhathast fìor.

English (UK)