Balephetrish

Air an sàrachadh le gainnead fearainn, rinn ochdnar choitear reud air Tuathanas Bhaile Phèadrais ann an 1918. Dh’àitich iad cuid dheth, ach chaidh an cur an grèim agus an cur dhan phrìosan fad deich latha. Chaidh an tuathanas a roinn na chròitean dà bhliadhna na dhèidh sin.

Chaidh ceidhe a thogail sa bhàgh san Dara Cogadh. Bha e air a shuidheachadh air gainmhich, is thuit e anns a’ chiad stoirm a bhuail air.

English (UK)