
Aig aon àm, b’ e Baile Mhàrtainn am baile a bu mhotha anns an eilean, le cha mhòr dà cheud duine a’ fuireach an seo ann an 1861. B’ àbhaist gu robh trì bùithean ann, is cairtean agus a-rithis bhanaichean aig a dhà dhiubh. Bha iomadh iasgair ann, is tha na tha air fhàgail de sheann cheidhe fhathast ri fhaicinn aig a’ chladach.
Bha an dachaigh aig Iain MacIlleathain, Bàrd Bhaile Mhàrtainn, anns a’ bhaile seo. Bha ainm aige mar aon de na bàird a b’ fheàrr anns an eilean - bha na h-òrain aige a’ buntainn ri gaol, eilthireachd, polataigs, agus bhiodh e cuideachd gu tric a’ tarraing às a chuid nàbaidhean.