Sanndaig

Chaidh HMS Sturdy air cladach Shanndaig ann an 1940. Bha sgiobair bhon eilean, Dòmhnall Mac na Ceàrdaich à Grianal, aig an taigh air fòrladh agus chuir e siognail Morse le lòchran thuca a leigeil fhaicinn gur ann air eilean agus nach b’ ann air creig aig muir a chaidh iad air tìr, rud a shàbhail beatha cuid. Chaochail cuid eile as dèidh leum bhon bhàta, is iad den bharail gur ann air na creagan a bha iad air grunnachadh.

B’ e an Glassary ainm muinntir an àite air factaraidh-fheamainn Thiriodh ann an Sanndaig, agus b’ ann le Companaidh Ceimigeach Bhreatainn a Tuath a bha e eadar 1864 agus 1910. Bhiodh an fheamainn ga trusadh air feadh an eilein agus ga tiormachadh air ballachan air cùlaibh Bheinn Hogh mas rachadh a toirt don fhactaraidh airson a losgadh.

Roimhe sin, bhiodh luath na feamainn ga giùlan bhon eilean ‘s ga cleachdadh ann a bhith dèanamh aidheodain, siabann, glainne, agus stuthan meidigeach agus spreadhaidh eile aig àm nan cogadh Napòleonach. Chaidh corran na h-obrach an uair sin a chleachdadh airson mullaichean thaighean a thearradh an àite tughadh murain. Is ann mar seo a thàinig na mullaichean-tearraidh annasach a chìthear an Tiriodh gu bith

English (UK)