A’ Mhòinteach Ruadh

Fhad ’s a bha Tiriodh na eilean thioram, bha aon de bhothain neo-laghail an eilein ri lorg anns a’ Mhòintich Ruaidh. Bha fear a b’ aithichte mar ‘Rìgh na Mòinteach’ a’ còmhnaidh ann an taigh-tughaidh ann, ri taobh a nighinn, ‘Màiri-Ann’ a’ Rìgh’.

B’ i Màiri-Anna a bha riaghladh a’ bhothain. Chan fhosgladh i an doras mura gnogadh duine air ann an dòigh àraid.

Bhiodh na Tirisdich a’ gearradh am mòna an sin, ach an dèidh sin bhiodh iad a’ dol don Ros Mhuileach.

English (UK)