Caolas

Tha an Caolas aig fìor cheann an ear Thiriodh, mu choinneamh Sruth Ghunna agus eilean Cholla.B’ e seo am prìomh phort airson an aiseig do Cholla, agus bha taigh-òsta ann airson luchd-siubhail.

Chaidh am bàrd Iain MacIlleathain a thogail anns a’ Chaolas, agus choisinn e ainm mar Bhàrd Thighearna Cholla, mus do rinn e imrich do dh’Albainn Nuaidh ann an 1819.Bha e air uabhasachadh nuair a chunnaic e na coilltean tiugha an sin, agus rinn e òran ainmeil mun ‘choille ghruamaich’ a b’ fheudar dha a leagail mum b’ urrainn dha taigh a thogail.

Sa Mhàrt 1973, bha an long-mhotair Loch Sìophort a’ seòladh a Thiriodh nuair a chaidh i air sgeir air taobh a deas a’ Chaolais. Dh’òrdaich an sgiobair don luchd-siubhail agus don chriutha an soitheach fhàgail, agus chaidh am bàta millte a shlaodadh gu ceidhe Ghot, far an deach i fodha. Chaidh a togail le cran às a’ Ghearmailt, agus an sin chaidh a tarraing don t-Sròin, far an deachaidh a cur às a chèile

English (UK)