
Bha raon-goilf ann a’ Bhalla cho fad’ air ais ri na 1890an. Ann an 1911, chaidh raon ochd toll deug le 6,306 slat de dh’fhaid a dhealbh le taic cluicheadair phroifeiseanta, James Hobbins, a bha pòsta aig ban-Tirisdeach. Chaidh taigh-cluba a ghibhteadh san t-Sultainn sin le Mgr Teàrlach MacNèill bho Ghàradh Iarainn nan Colonaidh ann am Baile Ghobhainn.
Ro àm an Dara Cogaidh, bha ainm air leth aig Tiriodh mar àite airson golf a chluich. Bha raointean ochd toll deug ann am Bhalla, Sgairinis agus Hianais, agus raon le naoi tuill ann an Còrnaig. Chaidh iad uile a dhùnadh ri linn a’ chogaidh, agus cha do dh’fhosgail ach cùrsa Bhalla as ùr ann an 1962 le naoi tuill a-mhàin