Heanish

Thogadh Ospadal-Fhiabhrais Hianais ann an 1905 airson leigheas a dhèanamh air deifir ghalairean gabhaltach nuair a dh’èireadh iad san eilean, nam measg am fiabhras mòr, an teasach dhearg, a’ bhreac agus a’ chaitheamh. Is e dachaigh phrìobhaideach a tha ann an-diugh.

Bhuineadh an Caiptean Dòmhnall MacFhionghuin do Hianais, aon de dh’iomadh chaiptean-mara à Tiriodh. B’ e an sgiobair air an Taeping ann an Rèis Mhòr na Tì ann an 1866. Bha an fharpais seo eadar cliopairean-tì a’ seòladh à Sìne a Shasainn.

Thill an Caiptean MacFhionhghuin dhachaigh le mòr-chliù agus chaidh Pàirc a’ Chrannaig a bhuileachadh air mar aithne air na rinn e.

English (UK)