Am Moncaidh aig a’ Chèilidh

Leis an t-Ollamh Dòmhnall E Meek

This story was commissioned as part of our Gaelic Development work. Hopefully, you will enjoy it and find it useful for learning – both about language and about toys!

Bhiodh na bodaich agus na gillean òga anns a’ Chaolas a’ cumail cèilidh a h-uile seachdain anns an taigh aig Iain mac Nèill.  Tha an taigh sin air oisean an rathaid a tha a’ dol sìos gu Milton.   Bhiodh iad a’ seinn òrain Ghàdhlig agus ag innse sgeulachdan, agus bhiodh Iain mac Nèill a’ leughadh an Oban Times don h-uile duine a bha anns an taigh.  

Bhiodh am moncaidh aig a’ chèilidh cuideachd, ach b’ fheàrr leis a bhith a’ dèanamh chleasan.  Agus gu sònraichte a’ dèanamh chleasan air Iain.  Bhiodh Iain a’ trod ris a’ mhoncaidh.  Cha robh Iain agus am moncaidh idir measail air a chèile.

Aon fheasgar, nuair a bha na fir anns an taigh-chèilidh, chaidh am moncaidh suas air na sparran.   Chan fhaca duine e a’ dol suas.  Bha cnapan buntàta aige air an spàrr, agus clach no dhà.

Nuair a bha Iain trang a’ leughadh an Oban Times, thòisich am moncaidh air am buntàta agus na clachan a thilgeil sìos air ceann Iain.  Bha sgall air Iain, agus nuair a thuit am buntàta agus na clachan air a cheann, cha robh Iain toilichte idir, idir, idir!

Leum Iain a-mach às a’ chathair!  Bha fearg mhòr air, agus ruith e an dèidh a’ mhoncaidh sìos rathad Mhilton!    B’ e siud an sealladh – an seann bhodach a’ ruith an dèidh a’ mhoncaidh!

Saoil an robh an sgeulachd sin anns an Oban Times an ath sheachdain? 

FACLAIR

Oisean – ‘corner’

Gu sònraichte – ‘especially’

A’ trod – ‘scolding’

Measail air – ‘fond of’

Spàrr – ‘rafter’, sparran – ‘rafters’

Sgall – ‘bald patch’

Fearg – ‘anger’

Ruith – ‘run’

Saoil an – ‘(I) wonder if’

  • Tilley Updates: March 2026

    Tilley Updates: March 2026

    After a successful start to the year, Tilley has had a productive March! 💨 She generated 339,793 kWh – enough electricity to run a 3kW…

    Read more ->

  • 2026 Visitor Guide & Map

    2026 Visitor Guide & Map

    Our detailed visitor guide and map are now available to download! Click on the above map for a pdf version of the map Find out…

    Read more ->

  • Tilley Updates: February 2026

    Tilley Updates: February 2026

    🎉We’re very pleased to share that Tilley has run for the first time through January and February with no issues since 2020! 💨Tilley had a…

    Read more ->

  • Tiree Broadband is closing

    Tiree Broadband is closing

    Tiree Broadband will be closing on 1st June of this year. The plan was for the service to exist until it was no longer needed.…

    Read more ->

  • We’re looking for creels!

    We’re looking for creels!

    As part of the Climate Adaptation Project in Tiree, the Tiree Community Development Trust is looking for lobster creels to support dune stabilisation and coastal…

    Read more ->

  • Tilley Updates: January 2026

    Tilley Updates: January 2026

    Tilley is back operating at two-thirds capacity. She measured 93.95 mph on the 11th of January! Generated in January 366,589 kWh  Most Productive Day 22nd…

    Read more ->

  • Book a Croft Camping Site for 2026

    Book a Croft Camping Site for 2026

    Tiree welcomes campers with cars, campervans, motorhomes and touring caravans. We hope you enjoy your stay. Campers who are walking, cycling or kayaking are free…

    Read more ->

  • Tilley Updates: Dec 2025

    Tilley Updates: Dec 2025

    Unfortunately Tilley had a fault in December, and we had to restrict her down to 100kW from the 5th to the 23rd. This means she…

    Read more ->

Gàidhlig