Sgrìobh an t-Ollamh Dòmhnall Meek na sgeulachadan seo. Nochd iad san Tirisdeach. Tha sinn an dòchas gun còrd iad ribh.
Professor Donald Meek wrote these stories. They were originally published in An Tirisdeach. We hope you enjoy them and find them useful for learning.
-
Am Moncaidh Agus Na Cait
A bheil cuimhne agaibh gun do theich moncaidh à Pàirc nam Beathaichean Fiadhaich aig Ceann Creige aig toiseach na bliadhna? Bha sin glè èibhinn, agus thug e gàire oirnn. Am moncaidh bochd! Tha e anns a’ Phàirc a-rithist! Bha moncaidh ann an taigh no dhà ann an Tiriodh anns na seann lathaichean, a chionns gun…
-
Am Moncaidh aig a’ Chèilidh
Bhiodh na bodaich agus na gillean òga anns a’ Chaolas a’ cumail cèilidh a h-uile seachdain anns an taigh aig Iain mac Nèill. Tha an taigh sin air oisean an rathaid a tha a’ dol sìos gu Milton. Bhiodh iad a’ seinn òrain Ghàdhlig agus ag innse sgeulachdan, agus bhiodh Iain mac Nèill a’ leughadh…
-
Trioblaid Leis A’Chàr
Nuair a bhios mi ann an Tiriodh, is toigh leam a bhith a’ gabhail corra chuairt anns a’ chàr agam. ’S e càr beag Fiesta a tha agam, agus, coltach rium fhìn, tha e a’ fàs sean. An uair mu dheireadh a bha mi ann an Tiriodh, bha aon latha brèagha, grianach againn! Bha a…
-
A’ Chrith-Thalmhainn
Bidh rudan neònach a’ tachairt ann an Tiriodh corra uair. O chionn seachdain, air feasgar Dimàirt, dh’fhosgail mi an doras aig cùl an taighe, agus leig mi a-mach an cù. Bha am feasgar a’ fàs dorcha, ach bha beagan solais ann fhathast. Ach an sin chuala mi fuaim! Fuaim mhòr, mhòr! Bha i coltach ri…
-
Maoir Agus Bàillidhean
Dòmhnall Eachann Meek Tha iomadh sgeulachd is òran anns a’ Ghàidhlig mu na bàillidhean agus na maoir a bhiodh a’ cumail smachd air na h-oighreachdan Gàidhealach anns an naoidheamh linn deug. Mar as trice, tha na sgeulachdan agus na h-òrain sin ag innse dhuinn gur h-e daoine dona a bha anns na bàillidhean, ach tha…
-
Uibhean Ostraid
An robh sibh trang a’ rolladh uibhean aig deireadh na seachdain? Tha mi cinnteach gun robh sibh uile shuas air mullach Beinn Haoidhnis a’ rolladh iomadh ubh dathte! Agus tha mi cinnteach gun robh sibh ag ithe iomadh ubh teoclaid aig an aon àm! Tha cearcan againne air a’ chroit, ach an-uiridh bha luchd-turais a’…