Nuair a bhios mi ann an Tiriodh, is toigh leam a bhith a’ gabhail corra chuairt anns a’ chàr agam. ’S e càr beag Fiesta a tha agam, agus, coltach rium fhìn, tha e a’ fàs sean.
An uair mu dheireadh a bha mi ann an Tiriodh, bha aon latha brèagha, grianach againn! Bha a h-uile latha eile stoirmeil no fliuch, no stoirmeil agus fliuch!
Thuirt mi rium fhìn, ‘Tha latha matha ann, agus bu toigh leam cuairt a ghabhail airson dealbh no dhà a thogail leis a’ chamara, agus parsal a thoirt gu Oifis a’ Phuist ann am Bùth a’ Bhaile.’
Dh’fhalbh mi gu toilichte, ach an sin chuala mi fuaim neònach a’ tighinn às a’ chàr. Bha e air chrith, agus bha e a’ fàs na bu mhiosa agus na bu mhiosa – agus bha mise leam fhìn air an rathad gu Baile Phètris. Och, och, och!
Thuirt mi rium fhìn, ‘Tha mi ann an àite dona. Tha mi a’ smaointeachadh gu bheil toll ann an taidhr. Ach chan eil duine eile an seo. Dè a nì mi a-nis?’
Cha robh mi ag iarraidh stad ann am meadhan an rathaid – agus chùm mi a’ dol gus an do ràinig mi Bùth a’ Bhaile. Bha a h-uile duine a’ sealltainn air a’ chàr – bha an fhuaim cho mòr!
Cha robh taidhr air an roth idir!
Bha Marjory anns a’ bhùth anabarrach laghach, agus thug i dhomh ainm no dhà.
Chaidh mi gu taobh eile an rathaid, agus choinnich mi ri Màrtainn. Thuirt mi ri Màrtainn, ‘Tha mi ann an trioblaid. Tha mi ag iarraidh cuideachadh leis an roth air a’ chàr. Chan eil taidhr air idir! Am b’ urrainn dhut mo chuideachadh?’
Anns a’ mhionaid, thuirt Màrtainn, ‘Bheir mise cuideachadh dhut.’
Chuir Màrtainn an taidhr-speur air a’ chàr ann an dà dhiog! Duine laghach, coibhneil!
Ceud mìle taing, a Mhàrtainn chòir! Agus mòran taing do Mharjory cuideachd!
FACLAIR
Is toigh leam – ‘I like’
Na bu mhiosa – ‘worse’ (with past tense)
Leam fhìn – ‘on my own’
Laghach – ‘good-natured’
Roth – ‘wheel’
Cuideachadh – ‘help’