Bhiodh na bodaich agus na gillean òga anns a’ Chaolas a’ cumail cèilidh a h-uile seachdain anns an taigh aig Iain mac Nèill. Tha an taigh sin air oisean an rathaid a tha a’ dol sìos gu Milton. Bhiodh iad a’ seinn òrain Ghàdhlig agus ag innse sgeulachdan, agus bhiodh Iain mac Nèill a’ leughadh an Oban Times don h-uile duine a bha anns an taigh.
Bhiodh am moncaidh aig a’ chèilidh cuideachd, ach b’ fheàrr leis a bhith a’ dèanamh chleasan. Agus gu sònraichte a’ dèanamh chleasan air Iain. Bhiodh Iain a’ trod ris a’ mhoncaidh. Cha robh Iain agus am moncaidh idir measail air a chèile.
Aon fheasgar, nuair a bha na fir anns an taigh-chèilidh, chaidh am moncaidh suas air na sparran. Chan fhaca duine e a’ dol suas. Bha cnapan buntàta aige air an spàrr, agus clach no dhà.
Nuair a bha Iain trang a’ leughadh an Oban Times, thòisich am moncaidh air am buntàta agus na clachan a thilgeil sìos air ceann Iain. Bha sgall air Iain, agus nuair a thuit am buntàta agus na clachan air a cheann, cha robh Iain toilichte idir, idir, idir!
Leum Iain a-mach às a’ chathair! Bha fearg mhòr air, agus ruith e an dèidh a’ mhoncaidh sìos rathad Mhilton! B’ e siud an sealladh – an seann bhodach a’ ruith an dèidh a’ mhoncaidh!
Saoil an robh an sgeulachd sin anns an Oban Times an ath sheachdain?
FACLAIR
Oisean – ‘corner’
Gu sònraichte – ‘especially’
A’ trod – ‘scolding’
Measail air – ‘fond of’
Spàrr – ‘rafter’, sparran – ‘rafters’
Sgall – ‘bald patch’
Fearg – ‘anger’
Ruith – ‘run’
Saoil an – ‘(I) wonder if’