A’ Chrith-Thalmhainn

Leis an t-Ollamh Dòmhnall E Meek

This story was commissioned as part of our Gaelic Development work. Hopefully, you will enjoy it and find it useful for learning – both about language and about toys!

Bidh rudan neònach a’ tachairt ann an Tiriodh corra uair. 

O chionn seachdain, air feasgar Dimàirt, dh’fhosgail mi an doras aig cùl an taighe, agus leig mi a-mach an cù.  Bha am feasgar a’ fàs dorcha, ach bha beagan solais ann fhathast.

Ach an sin chuala mi fuaim!   Fuaim mhòr, mhòr!   Bha i coltach ri fuaim tractair.  An e Gordan a bha ann, le tractar ùr?  No Sandaidh, le làraidh an èisg?  Bha an fhuaim anabarrach àrd, agus bha i a’ fàs na bu mhotha agus na bu mhotha – coltach ri clachan a’ tuiteam agus a’ bualadh air an talamh.

Chaidh uinneag an dorais air chrith airson mionaid no dhà.

Cha do smaointich mi gun robh dad ceàrr.  Bha mi cinnteach gur h-e tractar no làraidh a bha ann.

An dèidh sin sheall mi air Leabhar nan Aodann.  Bha Coinneach a’ faighneachd ceist – ‘An e crith-thalmhainn a bha an siud?’

Thàinig na freagairtean gu luath à deifir bhailtean anns an eilean.

‘Chuala sinn fuaim mhòr neònach.’

‘Chaidh an taigh air chrith.’ 

‘’S e crith-thalmhainn a bha ann.’

Thàinig freagairtean à eileanan eile cuideachd.  Thuirt Alison ann an Colla gun deachaidh an taigh aicese air chrith, agus gun robh an t-eagal air a’ chù.

Cha b’ fhada gus an tàinig fios bho dhaoine a bha eòlach air crithean-talmhainn.  Bha cridhe na crith-thalmhainn ann an Dearbhaig ann am Muile, agus ràinig i ìre 3.3 air Tomhas Richter.

Bidh rudan neònach a’ tachairt ann an Tiriodh corra uair – agus ann an eileanan eile!

FACLAIR 

Neònach – ‘Strange’

Crith – ‘shake, tremor’

Air chrith – ‘shaking’

Crith-thalmhainn – ‘earthquake’ 

Fuaim – ‘sound’

Leabhar nan Aodann – ‘Facebook’

  • Tilley Updates: March 2026

    Tilley Updates: March 2026

    After a successful start to the year, Tilley has had a productive March! 💨 She generated 339,793 kWh – enough electricity to run a 3kW…

    Read more ->

  • 2026 Visitor Guide & Map

    2026 Visitor Guide & Map

    Our detailed visitor guide and map are now available to download! Click on the above map for a pdf version of the map Find out…

    Read more ->

  • Tilley Updates: February 2026

    Tilley Updates: February 2026

    🎉We’re very pleased to share that Tilley has run for the first time through January and February with no issues since 2020! 💨Tilley had a…

    Read more ->

  • Tiree Broadband is closing

    Tiree Broadband is closing

    Tiree Broadband will be closing on 1st June of this year. The plan was for the service to exist until it was no longer needed.…

    Read more ->

  • We’re looking for creels!

    We’re looking for creels!

    As part of the Climate Adaptation Project in Tiree, the Tiree Community Development Trust is looking for lobster creels to support dune stabilisation and coastal…

    Read more ->

  • Tilley Updates: January 2026

    Tilley Updates: January 2026

    Tilley is back operating at two-thirds capacity. She measured 93.95 mph on the 11th of January! Generated in January 366,589 kWh  Most Productive Day 22nd…

    Read more ->

  • Book a Croft Camping Site for 2026

    Book a Croft Camping Site for 2026

    Tiree welcomes campers with cars, campervans, motorhomes and touring caravans. We hope you enjoy your stay. Campers who are walking, cycling or kayaking are free…

    Read more ->

  • Tilley Updates: Dec 2025

    Tilley Updates: Dec 2025

    Unfortunately Tilley had a fault in December, and we had to restrict her down to 100kW from the 5th to the 23rd. This means she…

    Read more ->

Gàidhlig