Am Moncaidh Agus Na Cait

Leis an t-Ollamh Dòmhnall E Meek

This story was commissioned as part of our Gaelic Development work. Hopefully, you will enjoy it and find it useful for learning – both about language and about toys!

A bheil cuimhne agaibh gun do theich moncaidh à Pàirc nam Beathaichean Fiadhaich aig Ceann Creige aig toiseach na bliadhna?  Bha sin glè èibhinn, agus thug e gàire oirnn.  Am moncaidh bochd!  Tha e anns a’ Phàirc a-rithist!

Bha moncaidh ann an taigh no dhà ann an Tiriodh anns na seann lathaichean, a chionns gun robh iomadh Tirisdeach a’ seòladh air cuantan an t-saoghail.  Bha moncaidh anns an taigh againne anns a’ Chaolas aig toiseach na ficheadamh linn.  Bha Teàrlach, bràthair mo sheanmhar, na sheòladair, agus thug e moncaidh dhachaigh do ‘Choll View’.

Chuala mi naidheachd no dhà mun mhoncaidh.   Bha e làn chleasan, agus bhiodh e a’ dèanamh chleasan air na creutairean eile.  Bhiodh e a’ dol air feadh a’ bhaile, agus a’ dèanamh chleasan air daoine cuideachd.

Bha e anabarrach measail air buntàta, agus ’s e còcaire math a bha ann! Bhiodh e a’ dol don phoca bhuntàta, agus bhiodh e a’ toirt cnap buntàta a-mach às a’ phoca nuair a bhiodh an t-acras air.

Bha teine fosgailte ann an ‘Coll View’, agus bhiodh am moncaidh a’ cur a’ bhuntàta anns an luath.   Bhiodh an luath a’ tuiteam air a’ bhuntàta, agus a’ bruith a’ bhuntàta.

Bhiodh na cait aig an teine glè thric.

Nuair a bhiodh am buntàta bruith, bhiodh am moncaidh a’ leum air cat, agus a’ toirt a’ bhuntàta a-mach às an luath le spògan a’ chait! 

Na cait bhochda!   Cha robh meas aca air a’ mhoncaidh idir!  Mu dheireadh, nuair a thigeadh am moncaidh, bhiodh na cait a’ ruith a-mach às an taigh!

Nach e am moncaidh a bha olc?   Moncaidh, gu dearbh!

FACLAIR

Teich – ‘run away’

Linn – ‘century’

Cleas – ‘trick’

Cnap buntàta – ‘a single potato’

Luath – ‘ash’

Bruith – ‘cook(ing), cooked’

Spòg – ‘paw’

  • Tilley Updates: March 2026

    Tilley Updates: March 2026

    After a successful start to the year, Tilley has had a productive March! 💨 She generated 339,793 kWh – enough electricity to run a 3kW…

    Read more ->

  • 2026 Visitor Guide & Map

    2026 Visitor Guide & Map

    Our detailed visitor guide and map are now available to download! Click on the above map for a pdf version of the map Find out…

    Read more ->

  • Tilley Updates: February 2026

    Tilley Updates: February 2026

    🎉We’re very pleased to share that Tilley has run for the first time through January and February with no issues since 2020! 💨Tilley had a…

    Read more ->

  • Tiree Broadband is closing

    Tiree Broadband is closing

    Tiree Broadband will be closing on 1st June of this year. The plan was for the service to exist until it was no longer needed.…

    Read more ->

  • We’re looking for creels!

    We’re looking for creels!

    As part of the Climate Adaptation Project in Tiree, the Tiree Community Development Trust is looking for lobster creels to support dune stabilisation and coastal…

    Read more ->

  • Tilley Updates: January 2026

    Tilley Updates: January 2026

    Tilley is back operating at two-thirds capacity. She measured 93.95 mph on the 11th of January! Generated in January 366,589 kWh  Most Productive Day 22nd…

    Read more ->

  • Book a Croft Camping Site for 2026

    Book a Croft Camping Site for 2026

    Tiree welcomes campers with cars, campervans, motorhomes and touring caravans. We hope you enjoy your stay. Campers who are walking, cycling or kayaking are free…

    Read more ->

  • Tilley Updates: Dec 2025

    Tilley Updates: Dec 2025

    Unfortunately Tilley had a fault in December, and we had to restrict her down to 100kW from the 5th to the 23rd. This means she…

    Read more ->

Gàidhlig