Tha sinn a' fastadh: Ceannard Connaltraidh & Gàidhlig

Tha sinn a’ sireadh neach airson a bhith na Cheannard air Conaltradh is Gàidhlig. Bidh an neach seo cudromach ann an leasachadh na coimhearsnachd againn.

’S e dreuchd ùr a tha seo a tha a’ cothlamadh riaghladh agus obair phròiseactan. Tha sinn a’ lorg cuideigin aig a bheil eòlas, Gàidhlig làidir agus a tha deònach dùbhlan ùr a ghabhail os làimh. Bhiodh tu nad phàirt de sgioba làidir a tha air pròiseactan cudromach agus seirbheisean coimhearsnachd a lìbhrigeadh mu thràth. Tha sinn ag amas air leasachadh seasmhach don eilean agus a dhèanamh na àite math airson a bhith beò, ag obair agus a’ fàs.

Bidh an obair a’ toirt taic do chonaltradh air feadh na buidhne againn agus ag obair gus Gàidhlig a neartachadh anns a h-uile rud a nì sinn. Cuideachd, bidh an dreuchd seo cudromach ann an lìbhrigeadh ar Plana Leasachaidh Coimhearsnachd - tireetrust.org.uk/the-development-plan.

Notaichean Iarrtais

Airson barrachd fiosrachaidh, faic am pasgan-iarrtais a ghabhas luchdachadh a-nuas gu h-ìosal. Faodar ceistean a chur gu ar Prìomh Oifigear aig phyl@tireetrust.org.uk

Feumar am foirm-iarrtais lìonadh agus a chur gu admin@tireetrust.org.uk ro 12f/mheadhan-latha Diardaoin 17 Giblean 2025.

Luchdaich a-nuas

Application Form

Job Description & Person Specification

English (UK)