Cumail ar Cànan

Cumail ar Cànan // Keeping our Language

Tha sinn air foillseachadh ar Plana Cànan Ùr. 'S e Cumail ar Cànan an t-ainm ùr air an obair Leasachaidh Ghàidhlig againn. Tha sinn airson Gàidhlig a bhrosnachadh cho mòr 's as urrainn dhuinn – chan ann a-mhàin anns an Urras ach air feadh Thiriodh.

Gus sin a dhèanamh, tha sinn air rudan ùra fheuchainn , mar sgeulachdan sìmplidh fhoillseachadh gu cunbhalach ann an An Tirisdeach, agus fiù 's a' dèanamh fhilmichean!Tha sinn airson barrachd rudan fheuchainn agus bhiodh sinn air leth toilichte nam biodh uimhir a dhaoine ’s a ghabhas a’ gabhail pàirt!

Ma tha beachdan eile agad air rudan a b’ urrainn dhuinn a dhèanamh, cuir fios thugainn!

Na tha sinn ris

Coimhearsnachd WhatsApp

Tha sinn a’ stèidheachadh coimhearsnachd WhatsApp airson Gàidhlig ann an Tiriodh. Bidh seanalan ann airson:

Cobhair-obrach-dachaigh

  • Ma tha pàiste agad ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, faodaidh tu ceist a chur san bhuidheann seo agus nì aon de ar luchd-labhairt Gàidhlig a dhìcheall airson do chuideachadh.

Tachartasan

  • Tha cuid de na cearcallan còmhraidh againn beagan ad hoc – gu h-àraidh nuair a bhios Dòmhnall Meek a’ tighinn a-steach air itealan! Leis a’ bhuidheann seo, bidh e furasta fios a chur a-mach ma bhios tachartas no feasgar sònraichte a’ dol.

Goireasan

  • Lorg rudeigin feumail co-cheangailte ri Gàidhlig? Cuir a-steach e!

Bhideothan is Criomagan

’S e aon de na rudan as duilghe do mhòran againn dìreach ar beul fhosgladh is bruidhinn – ach mar as motha a nì sinn e, ’s ann as fhasa a bhios e! Mar sin, mar phàirt den phròiseact, tha sinn airson Gàidhlig a shealltainn cho mòr ’s as urrainn dhuinn tro na meadhanan sòisealta agus ar pròiseactan.

Tha ar “Ciamar a chanas tu…?” gach Diardaoin ga phostadh air Facebook, agus cuideachd air YouTube mar shorts.

Tha sinn an dòchas gum bi claisneachd is bhideothan de dhiofar sgeulachdan Gàidhlig rim faighinn sna mìosan a tha romhainn.

Tachartasan

Tha an Quiz is Bingo air a bhith soirbheachail gu ruige seo, agus tha sinn an dòchas barrachd de na tachartasan seo a dhèanamh.

Tha sinn cuideachd airson barrachd fhilmichean Gàidhlig a shealltainn.

Ma tha beachdan agaibh airson tachartasan eile, thigibh an sàs!

Clasaichean

Ged a tha sinn a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e daoine a chuideachadh gus Gàidhlig ionnsachadh bhon toiseach, ’s e ar prìomhachas Gàidhlig a chumail beò anns a’ choimhearsnachd, gu sònraichte an dual-chainnt againn. Mar sin, tha sinn a’ cur ar cuideam air cearcallan còmhraidh dha luchd-labhairt fileanta, luchd-ionnsachaidh adhartach, agus daoine aig a bheil tòrr Gàidhlig nan cinn ach nach eil cho misneachail ga bruidhinn.

Chan eil sinn a’ dìochuimhneachadh mu na luchd-ionnsachaidh ùra, ge-tà, agus tha sinn an dòchas maoineachadh fhaighinn gus neach-teagaisg fhastadh airson clasaichean a ruith rè na bliadhna.

Seo na goireasan a tha againn an-dràsta.

A’ Leudachadh na Slighe Eachdraidh Ghàidhlig

Ron toiseach an t-seusain, bidh an t-slighe làn air-loidhne agus air a leudachadh! Tha sinn an dòchas gun cuidich seo luchd-tadhail gus barrachd mothachaidh fhaighinn air dualchas is cànan Thiriodh.

Soidhnichean

Mar phàirt den phlana Leasachaidh Ghàidhlig ùraichte againn, bu mhath leinn obair a dhèanamh còmhla ri gnìomhachasan ionadail gus barrachd Gàidhlig a chur ris na soidhnichean aca.

Tha sinn an dòchas maoineachadh fhaighinn airson seo, mar sin ma tha thu nad ghnìomhachas agus ma tha ùidh agad pìos beag Gàidhlig a chur ris, cuir fios gu Rhoda!

English (UK)